The following is a Gaelic translation of my "Snow on the Ben", translated by Fearghas MacFhionnlaigh: FREUMH A TALAMH TIORAM @
SNEACHD AIR A' BHEINN
Tha mo chridhe fo cràdh. Tha fadachd air ach am faic e mo bheinn, a’ bheinn a-rìst. Tha pian ann a dh’fhaicinn Beinn Laomainn le sneachd air a ceann sa gheamhradh, a dh’fhaireachdainn, a dh’fheuchainn a h-analach fuair fionnair as ùr. Tha e miannach air suidhe a dhèanamh air tè dhe na guailnean aice as t-samhradh, a chluinntinn an eòin bhig ud a bhios a’ cagarsaich neonithean milis na chluais. O uiseig bhig, is binn t’òran ann an cluasan mo bheinne. Agus tha e toirt faochaidh mar an ceudna dham chridhe a tha briseadh.
Chan eil deireadh air a’ chràdh; tha e a’ dèanamh cànrain gun abhsadh, mar an tàirneanach os-cionn na locha, mo locha-sa, Loch Laomainn. Iasg gun itean, tuinn gun ghaothan. Is tusa sgàthan mo bheinne. Bidh i sealltainn a gnùise annad. Nuair a bha mi nam phàiste, as t-samhradh, thilg mi clachan, “leum-liuchdadairean”, air sgàthan mo bheinne, ach cha do bhris an sgàthan ud mar a tha mo chridhe briste. Anns a’ gheamhradh dh’fheuch mi rim ainm eitseadh le paidhir bhròg-spèilidh air sgàthan mo bheinne, ach is e a’ bheinn a sgrìobh a h-ainm ormsa. Mo thaing dhut, a bhanacharaid, a bheinn-charaid, airson faire a chumail orm nam leanabachd, nam òige, nam Bhealach.
Bha am Magh Leamhna air fad a’ coimhead suas riut. Dh’òladh am baile gu lèir deoch-slàinte riut. Thog an Rothach fhèin a ghlainne dhut. Phòg na caoraich do chasan. O bheinn, a bheinn Laomainn, am faic mi a-rìst thu a-chaoidh?
Seo agad mise air taobh thall buileach an t-saoghail. Chaidh mo chur an seo a shearmonachadh Soisgeul an Tighearna. Tha an Tighearna E Fhèin ag ràdh:“Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!” A Thighearna, nach b’urrainn Dhut mise chur air fòrladh dhachaigh gu bhith cur an cèill an deagh sgèil? Carson an duirt mi Riut gun rachainn taobh sam bith a chuir Thu mi?
Gun teagamh tha a’ mhuinntir an seo àrd-bheusach, tha iad còir is cothromach. Tha iad a’ gabhail T’ Fhacal dan ionnsaigh leis an uile thogradh. Coltach ris na Berèanaich o shean, tha iad a’ rannsachadh nan Sgriobtar gach aon là, a dh’fheuchainn a bheil na nithean sin a chanas mise mud dhèidhinn mar sin. Bidh cuid dhiubh a’ laighe nan dùisg nan leapannan fad na h-oidhche, coltach ris na fèidh ruadha a’ cnuasachadh air leòidean na beinne, a’ beachd-smaoineachadh air na nithean a tha iad a’ cluinntinn. Is dòcha gu bheil an t-àite seo a’ còrdadh rium as dèidh a h-uile càil!
Tha thu air taigh a thoirt dhomh, a Thighearna, dachaigh dham theaghlach. Tha Thu air sealladh a bhuileachadh orm dhe chuid dhen obair-làimhe Agad bhom uinneig. Chì mi uisgichean an Deruent a’ lìonadh Camas Railf. Agus tha mo shùil air a tarraing gu Beinn Bail’ Uelinn le a ‘h-òrgan-pìoba’, oir is ise teis-meadhan an deilbh-uinneige a thug thu dhomh, a Thighearna. Ach, mo thruaighe, a Shlànaighir, pheant Thu a-steach a’ bheinn, mo bheinn-sa, nach do pheant? Tha i an siud air taobh dheis T’annas-làimhe àlainn. Bheir mi sùil oirre agus gabhaidh mi cianalas airson mo dhachaigh. Bidh deòir a’ ruith bhom shùilean mar easan air mo bheinn. Tha mo chridh’ air na slèibhtean, chan eil mo chridhe an seo, tha mo chridh’ air na slèibhtean, an tòir air na fèidh... A Thighearna, an cuir Thu sneachd air mo bheinn ùr nuair a thig an geamhradh?
Bidh mi coiseachd tron choille, (tron ‘bhuis’, mar a chanas iad an seo) còmhla rim shàr-charaid eile, Seumas beag (‘wee Jamie’). Leigidh mi orm gur e cù-seilge dìleas nam fiadh agam a th’ann, an àite an abhaig Sìoda Shidni a th’ann dha rìribh. Chì sinn coineanaich, ach chan iad coineanaich na h-Alba. Ged is mathaid gur ann à Alba a bha an sinnsirean! Co-dhiù no co-dheth, leigidh mi orm gur e rabaidean Gàidhealach a th’annta. Gabhaidh mi orm gur e fèidh a th’anns na cangaruthan sìnteagach. Is e fiadh ruadha a th’anns an fheadhainn mhòir, agus ruadhagan a th’anns na ualabaidhean. A Thighearna, saoilidh mi gum b’urrainn dhomh fàs bàidheil riusan cuideachd! Gheibh mi aiteil de eun coltach ri circ Fhrangaich is clisgeadh air, na sgiathan nan làn othail, ‘s e air tì teicheadh air iteig bho chunnart nach eil ann. Chan eil ann ach mise! A Thighearna, is e capall coille a bhaisteas mi air. Agus gu dè am fuaim ceilearach ud crochte san adhar? A Thighearna, an do chuir Thu uiseag far a bheil mi a chluich air teudan mo chridhe? Bho choltas a fuaime tha i a’ cluich àrd-phongan uile na clarsaich, “craobh a’ chiùil”. Gidheadh, a Thighearna, chan eil am feur glas mar fheur na h-Alba; shearg e bho chion dibhe ùrachail. Ach an siod is lèir dhomh bòidhchead, Do bhòidhchead-sa, ‘s e a’ smeideadh rium gu càirdeil. Am bi Thu deònach ràithean ùrachaidh a chur ris an tìr a tha seo?
Ach a Thighearna, is ann tuilleadh is fada a tha mi air a bhith air falbh bhom eudail. Agus tha liath-reothadh a’ nochdadh air mo cheann. Ach, a Thighearna, am faic mi sneachd air a’ bheinn, air mo bheinn ùir, an geamhradh seo ri tighinn? An reòth i m’uinneagan le a h-anail? Sèid ormsa, anail Dhè; lìon mi le beatha as ùr... An leig i fead rium ach an sgeadaich mi mi fhìn gu blàth ‘s gun tig mi a-mach a chluich? Am bi i da-rìribh na caraid dhomh a-cheart cho math rim sheann bheinn? Èirich, a ghaoth tuath, agus thig a ghaoth a deas, sèid air feadh mo liosa, rachadh fàile a spìosraidh a-mach. Agus an cùm mo bheinn ùr faire orm mar a rinn mo sheann bheinn? Oir mo shùilean togam suas a-chum nam beann, on tig mo neart. On Dia rinn talamh agus nèamh, tha m’fhurtachd uile teachd.
O Thighearna, innis dhomh carson a thug Thu mi dhan Tasmain. Dè Do fhreagairt? Is feur gach uile fheòil, agus tha a h-òirdhearcas uile mar bhlàth na machrach; Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh, nuair a shèideas gaoth an Tighearna air; gu cinnteach is feur an sluagh. Tha am feur a’ seargadh, am blàth a’ crìonadh; ach seasaidh facal ar Dè-ne gu sìorraidh. O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Shion, gabh suas gu sliabh àrd; O thusa a tha a’ tabhairt deagh sgeòil do Ierusalem, tog do ghuth le neart; tog e, na biodh eagal ort; abair ri bailtean Iùdah, Feuch, ur Dia!
Tapadh Leat, a Thighearna. Gum biodh mo ghràdh Dhutsa agus dham nàbaidh cho domhainn ris an t-sneachd air a’ bheinn!

No comments:
Post a Comment